Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Fiona Mackenzie > Seinn! O Ho Ro Seinn! > Fàilte Rubha Bhatarnis
|
Fàilte Rubha Bhatarnis |
| Credits : | I. Ferguson |
| Appears On : | Seinn! O Ho Ro Seinn! |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| O fàilt' air Rudha Bhatairnis | Oh welcome to Vaternish Point |
| Gur maiseach leam do chluaintean | Your plains are beautiful |
| Thoir soraidh slàn gu Hàllain | Bear sincere greetings to Hallain |
| 'S nach fhaod mi thràigh a bhualadh | As I cannot get to its shore |
| 'S i Ghearmailt le cuid ìnnleachdan | It was Germany with its plans |
| A chur mi fhìn gu cuantan | That forced me to go to sea |
| 'S nam faighinn dhachaidh sàbhailte | And if I got home safely |
| 'S i Màiri nach biodh gruamach | Mairi would not be downcast |
| 'S gun aithnichinn fhìn do bheanntanan | I'd recognize your mountains |
| 'S gach gleann a tha mun cuairt dhut | And every glen which surrounds you |
| 'S gur ann aig Lag an t-Sìthein | And it is at Fairy Hollow |
| Tha'n rìbhinn rinn mo bhuaireadh | That the maiden who troubles me lives |